An Koran ann an Gàidhlig

An Koran ann an Gàidhlig

June 10th 2008

Tha sgoilearan Muslamach ag ullachadh airson Albannaich a thàladh gun creideamh –le bhith ag eadar-theangachadh an Koran gu Gàidhlig.

Tha na sgoilearan an dòchas gum foillsich a’ phròiseact ùr, luach £50,000, dealas nam Muslamach a thaobh cultar na h-Alba agus gun adhartaich i tuigse eadar chreideamhan.

Tha a’ phròiseact stèidhichte leis a’ bhuidhinn-foillseachaidh Muslamach a tha ann am Breatainn, the Muslim Academic Trust agus tha i a’ faighinn maoineachadh tro thabhartasan bho ghnothachasan.

‘S e glè bheag freagairt a tha an gluasad seo air fhaighinn bho mhinistearan ann an saoghal Gàidhlig nan Eilean Siar.