Ministear a’ tadhal air Sgoil Shamhraidh Dhràma Gàidhlig

Ministear a’ tadhal air Sgoil Shamhraidh Dhràma Gàidhlig

July 7th 2008

Thadhail am Ministear airson na Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-Muigh agus Cultar, Linda Fabiani air iomairt ùr a tha airson sgilean thèatar proifeasanta ionnsachadh do Ghàidheil òga.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma air a ruith le Fèisean nan Gàidheal le taic bho bhuidhnean eile, nam measg Taigh-cluiche Eden Court agus Theatre Hebrides. Fhad ‘sa a bha i a’ tadhal air an Sgoil Shamhraidh, a tha a’ ruith gu 11 Iuchar ann am Port Rìgh, thug am Ministear seachad taic-airgid do dh’ìomairt dràma eile aig Fèisean nan Gàidheal, Meanbh-Chuileag. Bidh £25,000 a bharrachd a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson taic a chumail ri obair na buidhne ann a bhith a’ toirt blasad de chultar na Gàidhlig do sgoiltean air feadh Alba.

Tha fichead cleasaiche òg eadar 14 agus 18 bliadhna a dh'aois aig an Sgoil Shamhraidh fad na cola-deug, agus iad às gach ceàrnaidh den dùthaich. Gheibh na com-pàirtichean trèanadh ann an taghadh farsaing de sgilean eadar-dhealaichte bho shàr-eòlaichean anns na roinnean aca.

'S ann fo stiùir Dennis Cahill, stiùiriche-ealain a' chompanaidh thèatar Loose Moose ann an Calgarraidh, Canada, a tha an cùrsa, agus am measg an luchd-teagaisg eile a tha an-sàs tha Ruairidh MacNeacail, Catrìona Lexy Chaimbeul, agus Gilleasbuig Fearghasdan. Am measg nan clasaichean a chumail bidh sgilean gutha, gluasad, sgrìobhadh cruthachail agus cleasachd agus thèid cùrsa fa leth a chumail aig an aon àm ann an sgilean teicnigeach, leithid mar a làimhsichear solais, fuaim agus rianachd àrd-ùrlair.

Tha Dougie Beck, co-òrdanaiche na Sgoile, an dòchas gum brosnaichear an dà chuid sgilean dràma òigridh agus an cuid misneachd a dhol an sàs ann am barrachd thèatar anns an fhad-ùine: "Bhon a sguir na sgoiltean dràma a b' àbhaist a bhith air an cumail ann an Uibhist anns na 80an agus na 90an, chan eil mòran chothroman trèanaidh aig fìor àrd-ìre air a bhith ann do dhaoine òga le Gàidhlig. Bha na sgoiltean sin air leth soirbheachail agus na daoine a bha ann mar oileanaich fhathast gu mòr am follais ann an saoghal na dràma agus nam meadhanan Gàidhlig. 'S e àm dòchasach a tha seo a thaobh dràma na Gàidhlig – tha an t-seanail ùr air faire agus thathar a' sùileachadh gu bheil tòrr chosnaidhean gu bhith ann a dh'aithghearr do dhaoine òga le Gàidhlig agus tha sinne airson dèanamh cinnteach gu bheil iad deiseil airson airson gach cothrom a thig nan rathad a ghlacadh."

Chan eil aig na com-pàirtichean ri càil a phàigheadh mu choinneamh cosgaisean na Sgoile, leis gu bheil maoineachadh uabhasach fallain air tighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Ealain na h-Alba, le taic eile bho Thaigh-cluiche Eden Court.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil e air a bhith comasach dhuinn an Sgoil Shamhraidh Dhràma ath-stèidheachadh. Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith an-sàs barrachd is barrachd ann an leasachaidhean dràma Gàidhlig, agus tha dràma cudromach a thaobh cleachdadh na Gàidhlig. Tha seo a’ toirt taic dhan obair anns a bheil sinn air a bhith an-sàs bho thùs, a’ cumail taic ri Fèisean agus obair chiùil anns na sgoiltean. Bheireadh an taic a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba cothrom do Mheanbh-Chuileag mòran a bharrachd a dhèanamh a thaobh dràma anns na sgoiltean a bu chòir a bhith na pàirt gu math cudromach de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar chothrom blasad Gàidhlig a thoirt do sgoilearan nach eil ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.”

'S ann a dh'ionnsaigh oidhche mhòr de dhràma aig 7.30f, Diardaoin 10 Iuchar ann an Àros, Port Rìgh, a bhios na cleasaichean ag obair, agus bidh seo fosgailte dhan mhòr-shluagh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas seo aig www.feisean.org agus tiocaidean air 01478 613649.