Rugbaidh na h-Alba

Rugbaidh na h-Alba

July 22nd 2008

An dèidh ionnsaigh shoirbheachail gus am facal 'Alba' fhaighinn air lèintean Ball-coise Nàiseanta na h-Alba, thathas air athchuinge ùr a chur air bhog airson an aon nì fhaighinn dha Rugbaidh.

Tha an athchuinge ag ràdh: "Tha sinne ag iarraidh air Aonadh Rugbaidh na h-Alba an t-ainm, 'Alba' a chur ri taobh Scotland, air beulaibh lèine sgioba nàiseanta an rugbaidh".

Cuidich a' chùis le bhith a' gabhail mionaid airson d' ainm a chur ri seo!