Tha An Lanntair agus Fèis Cheilteach Innse Gall air leth toilichte innse mu foillseachadh an CD ùr aca, “Dhachaigh!” a tha a' comharrachadh bàrdachd is òrain a' bhàird Leòdhasaich nach maireann, Murchadh MacPhàrlain.
Tha a' cho-phròiseact seo a' taisbeanadh seinneadairean is luchd-ciùil bho air feadh Alba, agus a' gabhail a-steach nam pìosan ciùil a chaidh a bharantachadh gu sònraichte airson consairt fosglaidh soirbheachail na Fèise an-uiridh.
Tha an luchd-ciùil a leanas air an CD:
Paul Mounsey, Isobel Ann Martin, Alasdair White, Fraser Fifield & Calum Alex MacMillan, Christine Primrose, Alyth McCormack with Lau, Ishbel MacAskill, Blair Douglas, Anna Murray, Brian Ó hEadhra & Fiona Mackenzie, Mary Smith, agus Karen Matheson.