MG ALBA: PANNAL LUCHD-COIMHEAD

MG ALBA: PANNAL LUCHD-COIMHEAD

July 24th 2008

Leis an t-Seirbheis Didseatach Gàidhlig ùr (MG Alba) ga chur air bhog anns an t-Sultain, tha e riatanach gum bi cothrom aig coimhearsnachd Ghàidhlig na dùthcha breith is beachd a thoirt air an stuth a thèid a chraoladh air an t-sianail ùr.

Tha sinn a’ toirt cuireadh do neach sam bith a tha fuireach ann an Alba, a tha nas sine na sia bliadhna deug agus aig a bheil ìre de fhileantachd ann an Gàidhlig a bhith air Pannal de luchd-coimhead telebhisein. Mar phàirt den phannal bidh e an urra ri gach neach am beachdan mu phrògraman a lìbhrigeadh tro leabhar-latha air-loidhne gach seachdain.

Thèid ainmeanan luchd compàirt cunabhalach a chur air adhart gach mìos airson cothrom fhaighinn air duais luach £100.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair a’ phannail cuiribh post-dealain gu leirsinn@smo.uhi.ac.uk

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na beachdan agaibh-se mun t-Seirbheis ùr.

Ionad Rannsachaidh Lèirsinn Sabhal Mòr Ostaig An t-Iuchar 2008

MG ALBA