Ceòlas a' tadhal air Feile Iorras

Ceòlas a' tadhal air Feile Iorras

July 31st 2008

Le taic bho Iomairt Cholm Cille tha Ceòlas dìreach air tilleadh bho chuairt gu Feile Iorras ann an Co. Mayo ann an Èirinn. B’ e a’ bhuidheann a bh’ ann Gillebride Mac a’ Mhaoilein, Robert Gilles, Amy NicAmhlaigh, Aulay is Alana MacAonghais.

Bha guth, giotàr, a’ phìob is mandolin nan deagh mheasgachadh agus fhuair gach neach fa leth cothrom air an tàlant a thaisbeanadh agus aig a’ cheart àm air spiorad Ceòlas fhoillseachadh.

B’ e an turas a’ chiad eòlas a bh’ aig a’ bhuidhinn air a bhith ag obair còmhla agus chaidh sin a choileanadh gu mìorbhaileach. B’ e prìomh thachartas na cuairt a bhith a’ cluich san Ionad ùr Ealain ann am Belmullet far na cho-roinn iad an tachartas le còmhlan traidiseanta bhon sgìre agus le Peadar King, fear air nach robhar eòlach bho shaoghal neo-thraidiseanta – cheannaich a h-uile duine an CD aige agus tha coltas ann gu bheil cliù air thoiseach air.

Ceolas