Cur is Fàs

Cur is Fàs

August 6th 2008

Leasachadh na Gaidhlig

A bheil thu a’ fuireach ann an sgìre Inbhir Nis, Inbhir Narainn, Bhàideanaich is Srath Spè?

Ma tha, faigh tuilleadh a-mach mu leasachadh na Gàidhlig nad sgìre ann an Cur is Fàs –litir-naidheachd dà-chànanach na sgìre.
Cur is Fàs – Samhradh 2008

Leughaibh mu na tha air a bhith dol air adhart a thaobh leasachadh na Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis, Inbhir Narainn, Bhàideanaich is Srath Spè ann an cuairt-litir 'Cur is Fàs' an t-Samhraidh 2008. Ma tha sibh fhèin no a’ bhuidheann agaibh airson lethbhreac no lethbhreacan dhi fhaighinn tron phost fònaibh 01463 234 138 no cuiribh post dealain gu aonghas@cnag.org.uk

Gabhaidh a chuairt-litir a leughadh air-loidhne le bhith briogadh air a’ cheangal a leanas:

Cur is Fàs

Agus mur eil sin gu leòr, dè mu dheidhinn fiosrachadh sònraichte bho Fòram Gàidhlig Inbhir Nis. Cuir d’ ainm a-steach airson cuairt-litir-d sheachdaineach fhaighinn le fiosrachadh mu thachartasan ionadail is Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus mun cuairt air