COLA-DEUG! – Tha latha tòiseachaidh BBC ALBA a' teannadh oirnn

COLA-DEUG! – Tha latha tòiseachaidh BBC ALBA a' teannadh oirnn

September 5th 2008

Chan eil ach cola-deug ri dhol eadar gu latha tòiseachaidh BBC ALBA, an t-seirbheis ùr dhidseatach Ghàidhlig.

Bidh an sianal a' tòiseachadh Dihaoine 19 Sultain le cuirm ciùil ga craoladh beò bhon Eilean Sgitheanach agus le drama ùr.

Is e clach-mìle eachdraidheil airson craoladh ann an Alba a tha san t-sianal ùr, as dèidh iomairt fad bhliadhnaichean leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha BBC ALBA na cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA.

An-diugh tha Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, agus Fiona NicChoinnich, prìomh phreasantair BBC ALBA, air a bhith a' comharrachadh a' chola-deug mu dheireadh mus tèid an sianal beò.

Thuirt Fiona NicChoinnich: "Tha e mìorbhailteach gu bheil an sianal dìreach cola-deug air falbh. Tha sinn a' sìor dhèanamh fiughair ris an latha tòiseachaidh agus tha sinn glè thoilichte gu bheil e a-nis cho faisg oirnn."

Thuirt Alasdair Moireasdan: "Tha a h-uile Gaidheal a' tuigsinn dè cho cudromach 's a tha e nach eil ach cola-deug romhainn mus toisich an sianal – an cola-deug as cudromaiche airson na coimhearsnachd Gàidhlig airson linntean.

"Eadar seo agus 19 Sultain tha an teachdaireachd mun t-sianal ùr soilleir – tha e a' tighinn, thig còmhla rinn.

"Tha sinn a' creidsinn gum faigh an luchd-amhairc fìor dheagh phrògraman tron t-sianal agus gum bi sinn uile moiteil às." Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche a' BhBC ann an Alba, "Tha fios agam gu bheil a h-uile duine aig BBC ALBA a' dèanamh fiughair ri seirbheis leasaichte ùr airson luchd na Gàidhlig agus muinntir na h-Alba air fad. Tha misneachd againn gun còrd na prògraman ùra tarraingeach ri luchd-amhairc ann an Alba."

www.mgalba.com.