Prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

October 3rd 2008

Tha Prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2008 a-nis ann an stoc aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha iad a’ cosg £5.00 gach fear agus postachd. Ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac, cuiribh fios thugainn air 0141 337 6211 (Diluain-Dihaoine 9.00-17.00, Disathairne 10.00-12.00) no air brath@gaelicbooks.net .

Bidh Comhairle nan Leabhraichean an làthair fad na seachdain aig Mòd na h-Eaglaise Brice, le taisbeanadh mòr de leabhraichean dhe gach seòrsa airson clann agus inbhich. Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann an Taisbeanadh na Gàidhlig aig Ionad Bhùithtean Howgate ann am meadhan a’ bhaile – feuch gun tig sibh air chèilidh oirnn!