Taic Freumhan Coimhearsnachd

Taic Freumhan Coimhearsnachd

October 21st 2008

A bheil thu an sàs no a bheil ùidh agad ann an iomairt gus Gàidhlig a neartachadh anns a’ choimhearsnachd agad?

A bheil thu nad bhall de bhuidheann ionadail, mar eisimpleir buidheann coimhearsnachd no saor-thoileach, gnothachas beag no ùr, no iomairt òigridh? Am b’ urrainn don bhuidhinn agad buaidh a thoirt air Gàidhlig sa choimhearsnachd agad nam biodh taic-airgid ann?

Ma tha, dh’fhaodadh gum biodh tu airidh air beagan taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig airson gnìomhachdan Gàidhlig a chur air adhart. Is e maoin a th’ ann an Taic Freumhan Coimhearsnachd a tha ag amas air togail agus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba.

’S e 14 Samhain 2008 an latha mu dheireadh airson iarrtasan a chur a-steach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fòn gu 01463 225454 no cuir post-d gu tabhartas@bng.org.uk

www.bord-na-gaidhlig.org.uk