A’ sireadh sgrìobhadairean Gàidhlig!

A’ sireadh sgrìobhadairean Gàidhlig!

October 21st 2008

Tha an Lanntair Ionad Ealain a-nis a’ sireadh sgriobtaichean airson ‘Mach ann an 10’ – Fèis Dràma Gàidhlig thogarrach gun fharpais a bhios a’ gabhail àite eadar 9 - 14mh dhen Mhàrt 2009. Bidh tachartasan co-cheangailte ri dràma ann tron chiad phàirt dhen t-seachdain agus air Dihaoine 13mh agus Disathairne 14mh bidh na dealbhan-cluiche a thèid a thaghadh ri am faicinn air an àrd-ùrlar. ’S e glè bheag de riaghailtean a tha an lùib na Fèis seo, ach gu feum gach dealbh-chluich a bhith slàn, gur tur ùr, sa Ghàidhlig, gun a bhith nas fhaide na deich mionaidean agus a’ nochdadh airson na ciad uair aig an Lanntair. Tha an t-uallach air luchd com-pàirt na dealbhan-cluiche a chur gu h-iomlan air an stèidse.

Feumaidh na sgriobtaichean a bhith aig an Lanntair ro 31mh dhen Dùbhlachd 2008. Gheibh an fheadhainn a thèid a thaghadh taic-airgid airson an cur air an àrd-ùrlar aig an Fhèis. Cha gabhar ach ri aon tagradh bho neach fa leth neo buidheann ach faodaidh sibh barrachd air aon sgriobt a chur a-staigh, ma thogras sibh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu: Alex NicDhòmhnaill (Oifigear Tachartais) 01851 703 307 no post-dealain: alex@lanntair.com