7th October 2008
Air 24 Dàmhair 2008, coinnichidh caraidean, teaghlach is co-obraichean Shìm MhicCoinnich nach maireann ann an Eden Court airson beatha is obair a’ chleasaiche a chomharrachadh. Tha Pròiseact nan Ealan agus Lìonraidh Theatre na Gàidhealtachd is nan Eilean air an fheasgar a chur air dòigh. Bheir e cothrom dha daoine, chan e a-mhàin Sìm a chuimhneachadh, ach a bheatha, a thàinig gu ceann cho ana-abaich na bu tràithe sa bhliadhna, a chomharrachadh.
3rd October 2008
Bidh Comhairle nan Leabhraichean an làthair fad na seachdain aig Mòd na h-Eaglaise Brice
21st October 2008
A bheil thu an sàs no a bheil ùidh agad ann an iomairt gus Gàidhlig a neartachadh anns a’ choimhearsnachd agad?
21st October 2008
‘MACH ann an 10’ – Fèis Dràma Gàidhlig – am Màrt 2009
21st October 2008
‘S e feasgar de bhàrdachd, òrain, ceòl is dràma a th’ ann an “Celebrating Simon” a tha coisrigte dha Sìm MacCoinnich, an cleasaichte Gàidhlig nach maireann.
30th October 2008
Tha Sabhal Mòr Ostaig air Mgr Boyd Robasdan ainmeachadh mar a neach a ghabhas àite an Ollamh Tormod MacGilliosa mar Stiùiriche an t-Sabhail nuair a leigeas an t-Ollamh MacGilliosa dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.
30th October 2008
Chuir MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Didseatach Gàidhlig, fàilte air na h-àireamhan de luchd-coimhid an-diugh (Diluain) a chaidh fhoillseachadh do BhBC ALBA, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig, gun robh còrr is 600,000 luchd-coimhid a’ cleachdadh na seirbheis tro chiad sheachdain.