Tachartsan

News

Nua-thionnsgnadh Gàidhlig a’ faighinn duais

5th December 2008

Fhuair na h-Eileanan Siar aithneachadh airson nua-thionnsgnadh aig Co-fharpais Beachd Gnothachais OGE 2008 a chaidh a chumail ann an Colaiste OGE Inbhir Nis o chionn ghoirid. Fhuair a’ chiad karaoke Gàidhlig DVD, a chaidh a dhèanamh is fhoillseachadh le Ionad Cànain Eadar-nàiseanta Moireach (Murray International Language Centre )(MILC) ann an com-pàirteachas le Pròiseact nan Ealan (PnE), an treas duais san roinn Most Innovative Idea airson daoine a tha thairis air 26.

A’ CHIAD CHUIRM BHEÒ OIDHCHE CHALLAINN AIR BBC ALBA

11th December 2008

Tha BBC ALBA gu bhith a’ cumail Cuirm bheò Challainn à Steòrnabhagh, dòigh iomchaidh air tòiseachadh an t-sianail ùir Ghàidhlig a chomharrachadh.