7th July 2008
Bha FilmG, an fharpais airson fhilmichean goirid Gàidhlig, air a chur air chois air Dihaoine 27 an t-Ògmhios le rionnag River City, an t-actair Tony Kearney. Ghabh seo àite ann an taigh-dealbh Grosvenor ann an Glaschu.
1st July 2008
Tha am pròiseact air leth soirbheachail “Gàidhlig air a’ Bhàta” air ais am bhliadhna, an com-pàirt ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig.
7th July 2008
Thadhail am Ministear airson na Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-Muigh agus Cultar, Linda Fabiani air iomairt ùr a tha airson sgilean thèatar proifeasanta ionnsachadh do Ghàidheil òga.
10th July 2008
Tadhlaidh Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig air pròiseact Ceòlas ann an Uibhist a Deas (Diardaoin 10 Iuchar 2008) gus faighinn a-mach dha fhèin mar a tha maoin a’ Bhùird a’ cuideachadh ann a bhith a’ cumail a’ chànain beò air an eilean.
10th July 2008
Tha Sunrise Not Secular a’ cumail farpais airson lethbhreac den EP ùr aca a bhuannachadh!
22nd July 2008
An dèidh ionnsaigh shoirbheachail gus am facal 'Alba' fhaighinn air lèintean Ball-coise Nàiseanta na h-Alba, thathas air athchuinge ùr a chur air bhog airson an aon nì fhaighinn dha Rugbaidh.
18th July 2008
Tha An Lanntair agus Fèis Cheilteach Innse Gall air leth toilichte innse mu foillseachadh an CD ùr aca, “Dhachaigh!” a tha a' comharrachadh bàrdachd is òrain a' bhàird Leòdhasaich nach maireann, Murchadh MacPhàrlain.
24th July 2008
THOIR SEACHAD DO BHEACHD AIR AN T-SIANAIL ÙR GÀIDHLIG
31st July 2008
Le taic bho Iomairt Cholm Cille tha Ceòlas dìreach air tilleadh bho chuairt gu Feile Iorras ann an Co. Mayo ann an Èirinn
23rd July 2008
Bidh MG ALBA a' toirt taic-airgid gu Scottish Football League Challenge Cup 2008.