BÒRD NA GÀIDHLIG A' FOILLSEACHADH MYGAELIC.COM
4th February 2009
Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann poblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig, làrach-lìn ùr fiosrachaidh agus lìonraidheil – mygaelic.com - an-diugh (Diciadain 4 Gearran 2009). Tha mygaelic.com ag amas air a bhith na h-àite tadhail do neach sam bith a tha airson barrachd fiosrachaidh fhaotainn mun Ghàidhlig – an cànan agus an cultar, turasachd agus tachartasan co-cheangailte ri Gàidhlig, agus dòighean agus làraich eile far an urrainn dhaibh a dhol an sàs anns a’ chànan.