26th May 2009
Chaidh farpais ùr dheilbh, fo stiùireadh pròiseact Cholmcille fhoillseachadh le Ministear na Gàidhlig Micheil Russell. Tha cothrom aig farpaisich a bhith a’ glacadh suidheachaidhean agus gnothaichean eadar-dhealaichte ann an Saoghal nan Gàidheal, an Alba no an Eireann.
13th May 2009
Tha Bòrd na Gàidhlig air stòras a tha a’ maoineachadh pròiseictean coimhearsnachd, Taic Freumhan Coimhearsnachd, a tha a’ cumail taic ri gluasadan a tha a’ neartachadh cumail suas agus cleachdadh na Gàidhlig agus a’ cuideachadh a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, fhoillseachadh.
7th May 2009
Tha pròiseact ùr eadar-ghinealach ealain ga cur air dòigh an-dràsta anns a bheil coimhearsnachdan tro na h-Eileanan Siar an sàs.
19th May 2009
Air Dihaoine 16mh Cèitean, chruinnich còrr air 250 neach de gach aois bho choimhearsnachd nan Loch, agus bho nas fhaide air falbh, aig Ionad Coimhearsnachd Ceann a Tuath nan Loch airson faicinn agus gabhail pàirt ann am pròiseact coimhearsnachd sònraichte ùr-ghnàthach Ghàidhlig far an robhar a’ cleachdadh dràma, òrain, sgeulachdan is fasanan. Chaidh Na Mo Chuid Aodaich a stiùireadh le Pròiseact nan Ealan agus Crossroads Care Leòdhais, ach cha b’ urrainn dha a bhith air àite a ghabhail às aonais taic is brosnachadh bho buill na coimhearsnachd ionadail a thug a’ phròiseact air adhart bho beachd gu gnìomh.