11th June 2010
Tha Luchd-sgrùdaidh Foghlaim air aithisg fhoillseachaidh air sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air Colaisd a' Chaisteil. Tha an aithisg a' soilleireachadh an iomadh dòigh misneachail a tha a' Cholaisd a cleachdadh ann a bhith a' lìbhrigeadh ionnsachadh agus teagasg ann an dàimh ri targaidean nàiseanta.
17th June 2010
Tha BBC Gàidhlig a’ foillseachadh làrach-lìn ùr a tha cur taic ris a’ phroiseact ioma-fhìllte, Bliadhna nan Òran. Tro 2010, bidh an làrach a’ cur ris na prògraman a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus a’ toirt an cothrom do dhaoine coimhead agus èisteachd ri taghadh de na h-òrain as fheàrr a tha rin lorg ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC.
17th June 2010
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh ann an Alba le uallach airson brosnachadh agus adhartachadh na Gàidhlig air Iain Aonghas MacAoidh fhastadh mar Cheannard ùr. Bidh Mghr MacAoidh, a tha an dràsta na Chathraiche air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus na Bhall air Bòrd na Gàidhlig, a tòiseachadh san dreuchd ùr aige air 1mh Sultain.
17th June 2010
Bidh bùithtean-obrach a’ toiseachadh anns an Iuchar le FilmG còmhla ri HIE agus caochladh chom-pàirtichean eile gus trèanadh farsaing a thabhann co-cheangailte ri filmeadh do dh’FhilmG.. Bidh Leasachadh Sgeulachd a’ chiad ceum anns a’ chùrsa de bhùithtean-obrach.