Tachartsan

News Service

Buidhean a Leòdhas soirbheachail ann an co-fharpais Nòs Ùr

23rd June 2009

An deidh Consairt shoirbheachail oidhche Shathairne, chaidh da chomhlan og an taghadh gus na mion-chanain a' riochdachadh aig Feill Orain Eadar-naiseanta Liet Shiubhal deich buidhnean a fad is farsaing gu Eden Court ann an Inbhirnis gus seinn air beulamh luchd-eisdeach a bha taiceil agus ann an deagh thruim. Bha a' chonsairt cuideachd dha chraobh-sgaoladh thairis an eadar-lion.

Taic do chothroman ionnsachaidh cànain le Colmcille

17th June 2009

Gheibh luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a tha airson Gaeilge na h-Eireann ionnsachadh agus a leithid eile bho thaobh thall Sruth na Maoile an cothrom cànain a’ chèile ionnsachadh agus a thoirt air adhart tro chùrsaichean a thèid a chumail anns an Eilean Sgitheanach agus an Ìle air an t-samhradh seo.

Farpais ùr dheilbh son 2009 Saoghal nan Gàidheal

26th May 2009

Chaidh farpais ùr dheilbh, fo stiùireadh pròiseact Cholmcille fhoillseachadh le Ministear na Gàidhlig Micheil Russell. Tha cothrom aig farpaisich a bhith a’ glacadh suidheachaidhean agus gnothaichean eadar-dhealaichte ann an Saoghal nan Gàidheal, an Alba no an Eireann.

Na Mo Chuid Aodaich – fìor dheagh shoirbheachadh dha coimhearsnachd nan Loch

19th May 2009

Air Dihaoine 16mh Cèitean, chruinnich còrr air 250 neach de gach aois bho choimhearsnachd nan Loch, agus bho nas fhaide air falbh, aig Ionad Coimhearsnachd Ceann a Tuath nan Loch airson faicinn agus gabhail pàirt ann am pròiseact coimhearsnachd sònraichte ùr-ghnàthach Ghàidhlig far an robhar a’ cleachdadh dràma, òrain, sgeulachdan is fasanan. Chaidh Na Mo Chuid Aodaich a stiùireadh le Pròiseact nan Ealan agus Crossroads Care Leòdhais, ach cha b’ urrainn dha a bhith air àite a ghabhail às aonais taic is brosnachadh bho buill na coimhearsnachd ionadail a thug a’ phròiseact air adhart bho beachd gu gnìomh.

Back | 1... | 3 | 4 | 5 | 6 | 7 | ...20 | Next