2nd March 2009
Tha sgioba Rapal air leth toilichte an treasamh Farpais Orain Ur Ghaidhlig aca a chuir air bhonn. Chaidh a chuir an ceill gu h-oifigeal air Rapal Tbh bho chionn ghoirid agus tha an sgioba gu leir a coimhead air adhart ri bhi a cluinntinn na h-orain ur a bhios daoine a cuir thuca.
10th February 2009
Mhol MG ALBA an-diugh (Diluain 9 Gearran) na bh' ann de thàlant ùr a' tighinn am bàrr ri linn na chunnacas ann am FilmG, a' cho-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig air-loidhne, a chaidh a chur air chois gus spionnadh a thoirt dhaibhsan a dh'fhaodadh obair ann am BBC ALBA.
4th February 2009
Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann poblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig, làrach-lìn ùr fiosrachaidh agus lìonraidheil – mygaelic.com - an-diugh (Diciadain 4 Gearran 2009). Tha mygaelic.com ag amas air a bhith na h-àite tadhail do neach sam bith a tha airson barrachd fiosrachaidh fhaotainn mun Ghàidhlig – an cànan agus an cultar, turasachd agus tachartasan co-cheangailte ri Gàidhlig, agus dòighean agus làraich eile far an urrainn dhaibh a dhol an sàs anns a’ chànan.
3rd February 2009
Sgeulachdan goirid air a' chuspair 'Cianalas'