Bidh an ath choinneimh aig Club Leabhraichean Ghlaschu a’ gabhail àite air Dimàirt 14 Dàmhair aig 6.30f shuas an staidhre ann an Leabharlann Hillhead, 348 Rathad na Bàthcha. Thèid bruidhinn mu dheidhinn an nobhail The Kite Runner le Khaled Hosseini.
Air Dimàirt 11 Samhain aig 6.30f, coinnichidh am buidheann a-rithist airson bruidhinn mu dheidhinn Dìleas Donn le Norma NicLeòid. Bidh fàilte ron a h-uile duine fiù ‘s ged nach robh thu aig coinneamh roimhe - ma tha ùidh agad ann an litreachas, tiugainn còmhla rinn.
Fios bho Màiri NicCumhais,
Oifigear Leasachaidh
Comhairle nan Leabhraichean, 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu, G11 5QP
F: +44 (0)141 337 6211
mairim@gaelicbooks.net
www.gaelicbooks.org