Àrd-chuirm de bheatha Shìm le Jenna Chuimeanach, Cairistiona Primrose, Art Cormaig, Ishbail NicAsgaill, Alyth NicCormaig, Carina NicLeòid, Daibhidh Walker, Rona Lightfoot agus Aonghas Phàdraig Caimbeul . . . agus iomadach neach eile.
Tha na tiogaidean ri faotainn bho Oifis a’ Bhogsa Eden Court air 01463 234 234 agus cosgaidh iad £20 (Tha prìs nan tiogaid air fad a’ dol gu Urras Shìm MhicCoinnich)
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu pne@gaelic-arts.com.
B’e cuirmear, Gàidheal agus caraid a bha ann an Sìm. Dh’fhàg a bhàs an-abaich ann an 2008, cha b’ e a-mhàin a theaghlach agus a charaidean, ach saoghal nan ealan Gàidhlig air fad ann an staid de dh’ùpraid agus de dhì-chreideamh. Tha e duilich gabhail a-steach, bha e duilich agus tha e fhathast duilich a chreidsinn nach eile fear a bha cho sunndach ri Sìm còmhla rinn tuilleadh.
Bha beatha shoirbheachail aig Sìm mar actair, craoladair, seinneadair agus dramaire. Chan e a-mhàin gun robh e na neach-cluiche air leth, ach bha Sìm na fhìor neach lèirsinneach airson theatair Gàidhlig ann an foghlam agus chaith e iomadach bliadhna dol mu chuairt air sgoiltean ann an Alba agus Èirinn, a’ leasachadh dràma Gàidhlig dha Gàidheil òga.
Tha sinn ag iarraidh togail air an taic agus a’ mhisneachd a bha aig Sìm dha òigridh an sàs ann an dràma Gàidhlig le bhith a’ cruthachadh Urras Shìm MhicCoinnich, a bheir taic dha òigridh le Gàidhlig airson an cuid sgilean a leasachadh. Airson toiseach-tòiseachaidh tha sinn a’ cumail feasgar cuirm Gàidhlig -òrain, sgeulachdan agus dràma, mar mòr-mheas air Sìm – airson airgead a thionail agus mothachadh a thogail dhen Urras, agus mar chuimhneachan air obair Shìm.
Tha am feasgar seo mar chuimhneachan air beatha Shìm agus air toradh na h-obrach aige.
Tha am feasgar seo dhan h-uile duine a bha eòlach air Sìm agus aig an robh mòr-ghaol air; airson nan daoine a fhuair brosnachadh bhuaithe fhèin agus bhon obair a rinn e. Gu sònraichte tha e airson a h-uile duine a tha a’ coimhead san àm ri teachd ri leantaineachd air obair Shìm le òigridh, agus a’ bhuaidh a bha aig air theatair Gàidhlig.