Ionad Cholumcille
2 Newbattle Terrace
Dùn Èideann
Prìs: £7.00
£5.00 Lasachadh (Clann an-asgaidh)
Feasgar de cheòl is òrain Ghàidhlig, a' tòiseachadh le bùth-obrach ann an òrain Ghàidhlig fo stiùireadh Buannaiche Bonn Òir a' Mhòid, Margaret Callan, le cèilidh an dèidh làimh le Còisir Ghàidhlig Lodainn is an aoighean. Chaidh Còisir Ghàidhlig Lodainn a stèidheachadh ann an 1985 agus tha i air a bhith gu mòr an sàs ann an seinn chòisireach on uair sin gu h-ionadail is gu nàiseanta. Deagh chothrom òrain ùra Ghàidhlig ionnsachadh- òrain obrach/ pìobaireachd/mara, a bhios à Uibhist, sa mhòr-chuid. Tha inntrigeadh ann dha ciorramaich.
Iain Macleòid (Còisir) - 0131 664 2606
Ionad Columcille - 0131 447 7404