Tha an fhèis a' tairgsinn oideachadh ann am pìobaireachd, fìdhlearachd, seinn, Ruidhlichean Albannach agus Cuadrilichean, dannsa ceum agus an cànan Gàidhlig. Tha i air a stèidheachadh agus air a cumail suas leis a' choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas agus tha i air a stiùireadh gu h-ealanta leis a' phìobaire agus an neach-ciùil ainmeil Iain Dòmhnallach à Gleann Ùige.
Ged a tha Ceòlas a' cuimseachadh air traidisean na h-Innse Gall tha taobh làidir aice ri Ceap Breatainn. Mhair an cultar Gàidhlig a chaidh a thoirt a Cheap Breatainn (Albainn Nuadh, Canada) le eilthirich às a' Ghàidhealtachd o chionn faisg air 200 bliadhna an sin ann an seòrsa de lethoireachd. A-nis, tha Ceòlas a' toirt seachad cothrom air a `thoirt dhachaigh' agus a cheangal suas ris na cultaran ceilteach uile air feadh an t-saoghail a bhios a' frithealadh na fèise.
Tha Ceòlas a' rannsachadh nan ceanglaichean ro chudromach eadar ceòl Albannach traidiseanta agus amhrain Ghàidhlig is dannsa, agus aig an aon àm a' toirt cothrom gu leòr dha luchd-compàirt tlachd a ghabhail às na cruthan ealain sin uile aig cèilidhean taighe, far an deach na traidiseanan sin a bhrosnachadh bho thùs. Le Ceòlas Craic a bhith ann an Glaschu, tha e a' ciallachadh gu bheil na ceanglaichean eadar am baile mòr agus na h-eileanan gan daingneachadh, agus chan e a-mhàin gum bithear a' foillseachadh nan tàlantan mìorbhaileach sna h-eileanan ach gum bithear a' brosnachadh cuid de na cultaran a tha a' fuireach sa bhaile gu bhith a' tadhal air an eilean agus a' gabhail pàirt san fhèis.