Ceòlas Craic

Ceòlas Craic

From: March 28th 2008 until March 28th 2008

Ceol 's Craic aig CCA

A' leantainn òirnn bho an-uiridh tha sinn toilichte fàilte a chur air Ceolas a-rithist mar aoighean air Ceòl s Craic. Nam bu mhath leibh sealladh beag fhaighinn air an tàlant agus an dibhearsain a tha gnèitheach dhan fhèis samhraidh chliùiteach seo ann an Uibhist a Deas, no nam bu mhath leibh dìreach deagh oidhche spòrsail a bhith agaibh,s e Ceòl `s Craic na mìosa seo air Dihaoine 28mh Màirt an t-àite dhuibh!

Airson an turas a Ghlaschu tha Ceolas air sreath mhìorbhaileach de luchd-ealain a thoirt leotha - Ailean agus Iain Dòmhnallach, Caitlin Nic an Aonghais, Sàra NicAoidh, Fuaimean Chille Pheadair agus Rona Lightfoot. Gus an oidhche a chumail a' gluasad air adhart gu laghach tha Buidheann Dannsa an Naoimh Peadair agus còmhlan-ciùil Ceòl `s Craic à Colaiste Stow gu bhith an làthair.