Fèis na h-Òige

Fèis na h-Òige

From: June 30th 2008 until July 4th 2008

Chaidh Fèis na h-Òige a stèidheachadh ann an 1992 gus cothrom a thoirt do dh' òigridh na Gàidhlig sgilean ionnsachadh agus a leasachadh ann an ceòl traidiseanta, seinn, dannsadh agus ciùird. Faodaidh clann le Gàidhlig eadar 8 agus 18 a dhol ann. Tha an Fhèis Bheag ann do chlann bhun-sgoile fo 8 bliadhna de dh'aois.
Faodaidh clann com-pàirt a ghabhail ann an iomadh cuspair traidiseanta aig an Fhèis, ge bith dè an eòlas aca. Tha an teagasg air fad tro mheadhan na Gàidhlig. Thèid fàilte a chur air a h-uile ìre de dh' eòlas bho fhìor luchd-tòiseachaidh gu luchd-ciùil adhartach. Ged a tha ionnsramaidean againn, bu chòir do chlann an fheadhainn aca fhèin a thoirt leotha ma ghabhas sin a dhèanamh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Alison air 01463 729278 (as dèidh 5 uairean)