Nòs Ùr

Nòs Ùr

From: June 21st 2008 until June 21st 2008

Tha tiocaidean gan reic a-nis airson a’ chiad fharpais òrain ann an cànanan Ceilteach is Albais a tha gu bhith air a cumail sa Ghàidhealtachd mar phàirt de ghrunn fharpaisean roinneil air feadh na Roinn Eòrpa.

Tòisichidh a’ cho-fharpais aig 7:30f ann an Eden Court, Inbhir Nis air Disathairne 21 Ògmhios agus faodaidh daoine le ùidh ann an ceòl Ceilteach a dhol ann. Gheibhear air a faicinn cuideachd air làrach-lìn Nòs Ùr www.nos-ur.eu agus faodaidh daoine bhòtadh air an eadar-lìon no le teacsa.

Tha ‘Nòs Ùr’ an dùil air òrain a chuir a-steach sa Ghàidhlig, Albais, Ulaidh Albais, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breaton. Thèid an neach-buannachaidh troimhe gu farpais dheireannach Liet Lavlut Eòrpach ann an Lulea, An t-Suain san Dàmhair an ath bhliadhna.

‘S e am farpais an aon den seòrsa sa Roinn-Eòrpa, leis an aon chumadh ris a’ ‘European Song Contest’, le seinneadairean agus còmhlain-ciùil seasamh airson dùthaich, no airson mhion-chànain san fharpais seo.

Tha an fharpais ag amas cuir air adhart iomadachd chultarach agus ciùil gu luchd-èisdeachd farsaing eadar-nàiseanta, le bhith cnuasachadh ùidh bho sheinneadairean à coimhearsnachdan mhìon-chànanach.