Skye Festival
Tha an fhèis as fhaide tha ruith san Eilean Sgitheanach air ais airson a 17mh turais air cuairt fèisean an t-samhraidh san Iuchar. Ainmichte mar “an fhèis bheag as motha ann an Alba” tha e a’ ciallachadh gur e an t-Eilean Sgitheanach an t-àite as fheàrr airson an cola-deug mu dheireadh san Iuchar a chur seachad. Tha an fhèis stèidhte ann an Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, ann an Slèite bhòidheach ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
A thuilleadh air prìomh àireamh de chonsairtean, tha an fhèis a’ gabhail a-steach bùthan-obrach ann an Gàidhlig, ann an òrain Ghàidhlig, dannsa-ceum is dannsa-cèilidh a thuilleadh air cèilidhean aig Club na Fèise agus Aos Dana – an fhèis shoirbheachail leabhraichean.
Eagraichte le SEALL, buidheann adhartachaidh saor-thoileach ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.