Tha Ceòlas air tachartas dà latha a chur air chois san Lùnastal, bho 22-24 Lùnastal ann an Taigh-òsta Poll a' Charra ann an Uibhist a Deas.
Bidh Trusadh nam Fonn a' rannsachadh mar a gheibhear air òrain thraidiseanta a thrusadh san latha an-diugh a thuilleadh air a bhith a' toirt cunntas air an obair a chaidh a chruinneachadh às na h-Uibhistean agus a th' air a thasgadh ann an caochladh Oilthighean agus Institiùdan air feadh an t-saoghail.
Bidh an t-Oll. Margaret Bennett, Mairead Callan agus Aonghas Iain Dòmhnallach a' roinn an cuid eòlais is an fhèin-fhiosrachaidh mu thrusadh dìreach bhon bhun. Bidh Pòl MacCaluim is Magda Zagarzazu bho Taigh Chanaidh a' lìbhrigeadh tuilleadh bhùthan-obrach air na h-òrain a chruinnich Margaret Fay Shaw agus mu mar a tha an cruinneachadh ga ghleidheadh ann an Taigh Chanaidh.
Bidh an tachartas a' gabhail a-steach cuairtean gu làraich ionadail a thug buaidh air na bàird a thuilleadh air cuairt gu Cladh Eirisgeigh airson tadhal air uaigh an Athar Ailein Dhòmhnallaich, an dèidh na seirbheis air madainn Didòmhnaich ann an Eirisgeigh. Tha sinn an dòchas gum fritheal muinntir na sgìre le clàraidhean a chaidh a dhèanamh sna h-Uibhistean agus gun roinn iad sin leis a' bhuidhinn mar eisimpleirean de dh'obair a tha ri chur fhathast ris an trusadh. Togaidh an tachartas dà latha deasbad mun dòigh as fheàrr air dèanamh cinnteach gun tèid dualchas cultarach an eilein a th' air a ghleidheadh ann an àiteachan eile a dhèanamh ruigsinneach dhan choimhearsnachd ri teachd.
Fon (Ceolas): 01878 700154 no rach gu Ceolas no www.mfayshaw.co.uk