ANTIGONISH - 'S e àite cudromach a th' ann an Oilthigh St. Francis Xavier air a' mhìos seo nuair a bhios luchd-tadhail eadar-nàiseanta is ionadail a' cruinneachadh airson cultar sònraichte Gàidhlig Alba Nuaidh a chomharrachadh.
Bheir an t-oilthigh aoigheachd dha Cruinneachadh nan Gàidheal -24-26 Iuchar,a' chiad chomharrachadh eadar-nàiseanta Gàidhlig de a sheòrsa a chaidh a chumail taobh a-muigh na h-Alba.
Bidh bùthan-obrach dian ann ann an cànan is òrain na Gàidhlig, fìdhlearachd, pìobaireachd, dannsa-ceum, aithris sgeulachdan agus 's dòcha an cruinneachadh iullagach as motha a thàinig cruinn còmhla a-riamh.
Ron tachartas agus a' tighinn na lùib tha a' cho-labhairt acadaimigeach, Rannsachadh na Gàidhlig, air 21-24 Iuchar leis an Oll. Ken Nilsen, neach-cathrach Roinn Cheiltis St.FX