A-nise sa 4mh bliadhna, agus stèidhte gu daingeann air mìosachan tachartasan na h-Alba, tha Fèis Blas a’ tilleadh gun Ghàidhealtachd airson leantainn a’ comharrachadh ceòl is cultar Gàidhealach is Gàidhlig. Tha am prògram a tha a’ sìor fhàs a’ gabhail a-steach cruthan ciùil Gàidhealach bho luchd-ealain eòlach is daoine ùra, luchd-ciùil traidiseanta is nua-aimsireil.
Tha Blas a’ ruith bhon 5mh – 13mh Sultain, air feadh na Gàidhealtachd. Gheibhear tiogaidean bho www.thebooth.co.uk
Seo cuid de na nithean a tha sinn an dùil a bhios ann:
* Ceilidh Trails – ma tha thu airson tàlant ùr eile a ghlacadh dèan cinnteach gum faigh thu gu aon de na 6 cuairtean Cèilidh eadar-dhealaichte.
* Faigh a-mach càite is cuin a tha Cuairt Cèilidh a’ gabhail àite tron Ghàidhealtachd.
* Canntaireachd –tàlant òg eile bho na Fèisean!
*À Èirinn is Alba, na caill dà ghuth àlainn bho dhithis chaileag bhrèagha -Muireann Nic Amhlaoibh agus Julie Fowlis.
* Airson rudeigin nas socaire, na caill ceòl Gàidhlig Meantime
* Rona Lightfoot àlainn, an-còmhnaidh sòlasach!
8 Ma tha thu a’ coimhead airson rudeigin anns a bheil beagan a bharrachd, rach gu Ùrachadh – turas tro òrain, sgeulachdan is ceòl Iar-thuath Chataibh.
Ach chan eil annta siud ach blasad beag; rach gu làrach-lìn Fèis Blas fhèin airson am prògram iomlan fhaicinn – a’ gabhail a-steach: Skippinish, Còmhlan Luaidh Bhàideanaich, Dàimh, Fiona NicChoinnich, Iain MacAoidh, Rachel Walker, Ishbel NicAsgaill, Jenna Cumming, Na Bràithrean Dòmhnallach, Maeve NicFhionghuin agus Balaich Bhatarsaigh!