Runrig ag innse gum bi iad aig consairt Tighinn Dhachaigh aig Lùchairt Sgàin
Tha Runrig, prìomh chòmhlan roc Ceilteach na h-Alba, air innse gum bi iad a’ cluich beò ann am pàirce àlainn Lùchairt Sgàin air 29mh Lùnastal 2009, mar phàirt de shubhachas Tighinn Dhachaigh na h-Alba.
Aig an taisbeanadh, a tha fo smachd cheadachd, bidh an còmhlan a’ dol air àrd-ùrlar ann an aon de na consairtean a-muigh as motha den bhliadhna ann an Siorrachd Pheairt.