Tha Fèis a' Bhaile a' gabhail àite eadar Diluain 20 agus Dihaoine 24 den Dàmhair. Thèid an Fhèis a chumail ann an Àrd Sgoil Bhaile Theàrlaich agus tha e fosgailte do dh' òigridh eadar 8 agus 18 bliadhna a dh' aois agus chan eil e gu diofair ma tha Gàidhlig aca no nach eil. Gheibh iad cothrom eòlais a chur air iomadach ionnstramaid ciùil agus ma tha meas aca air drama, dannsa-ceum, ealain, iomain, no òrain Ghàidhlig a sheinn, faodaidh iad sin a dhèanamh.