Bùithtean-obrach Inbheach
Bidh FilmG a’ cur sreath de bhùithtean-obrach air dòigh dha inbhich ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach 11mh is 12mh an Dàmhair.
’S ann a bhitheas na bùithtean-obrach ag amas air sgrìobhadh sgriobtaichean is stiùireadh (le sgrìobhadair sgriobtaichean is stiùiriche ainmeil Annie Griffin à Dùn Èideann), riochdachadh (le Amanda Millean, a b’ àbhaist a bhith an ceann phrògraman ann an Roinn Dràma a’ BhBC), Camara is Fuaim agus Deasachadh (luchd-teagaisg rin ainmeachadh).
Thairis air dà latha bidh an fheadhainn a’ frithealadh nam bùth-obrach ag ionnsachadh is air an deagh bhonntachadh ann am bunaitean dèanamh fhilmichean, mar a bhithear ag obair sa gnìomhachas agus a’ gabhail fìor dheagh chomhairle sgrìobhaidh is stiùiridh bho Annie Griffin.
Tha na bùithtean-obrach is àite-fuirich an-asgaidh, ach bidh aig oileanaich pàigheadh airson an lòin is dìnneir agus airson an cosgaisean siubhail. Chan eil cus àiteachan sa bhùth-obrach, mar sin luchdaich a-nuas (download) is lìon am foirm iarrtais gu h-ìseal agus cuir thugainn e ro 26 an t-Sultain 2008.
Nochdaidh barrachd fiosrachaidh air an làrach-lìn againn, ach faodaidh tu ceistean fhaighneachd dhuinn tro phost-d fios@filmg.co.uk
Luchdaich a-nuas foirm iarrtais
CAMP FILM G CANCELLED
Campa FilmG - Bùth-obrach dha Òigridh
’S e bùth-obrach a mhaireas fad ceithir làithean a tha ann am FilmG dha òigridh 12 – 17 bliadhna a dh’aois.
Thèid a cumail bho Dhiluain 13mh gu 16mh an Dàmhair san Eilean Sgitheanach, ach bidh aig clann is òigridh a bhios a’ fuireach a bhith siubhail dhan Eilean feasgar Didòmhnaich airson ’s gum bi iad deiseil clasaichean a thòiseachadh madainn Diluain.
’S ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a bhios a’ bhùth-obrach (faic mapa). Pàighidh MG ALBA airson cosgaisean na bùth-obrach, àite-fuirich is bìdh, ach feumaidh oileanaich an cosgaisean siubhail a phàigheadh. Tha e comasach dhuinn lioftaichean sa chàr ullachadh bhon Àth-Leathann feasgar Didòmhnaich.
Bithear a’ solarachadh àite-fuirich an Ostail Floraidh NicDhòmhaill mu 1.5 mìle bhon cholaiste. Gheibhear bracaist, lòn is dìnnear anns a’ cholaiste fhèin.
Tron t-seachdain, bidh an òigridh ag obair ann am buidhnean gus bun-smaoin film a chruthachadh, a chur ann an sgriobt, fhilmeadh agus a dheasachadh. Bidh na filmichean gan sealltainn air sgrìon mòr an t-Sabhail Mhòr madainn Diardaoin mus fhalbh daoine. Bidh na bùithtean-obrach làn dha-rìribh spòrs agus obair chruthachail agus gabhaidh an òigridh deagh ghrèim air mar a bhios an gnìomhachas film is T.Bh ag obrachadh.
Bidh clàr-gnothaich iomlan ri fhaotainn air an làrach-lìn a dh’aithghearr, ach ma tha ceistean sam bith agad leig fios thugainn fios@filmg.co.uk
Luchdaich a-nuas foirm iarrtais